Bun-sgoil Ghàidhlig ùr ri taobh Acadamaidh Rìoghail?

  • 14 An Lùnasdal 2017

Dh'fhaodadh gun tèid sgoil Ghàidhlig ùr a thogail ri taobh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis mar phàirt den iomairt aig Comhairle na Gàidhealtachd 'son dèiligeadh leis na sgoiltean san sgìre a tha loma-làn.

Bhiodh sin a' ciallachadh gun rachadh an togalach a th' ann an-dràsta a shaoradh 'son sgoilearan a tha a' faighinn foghlam tron Beurla a-mhàin.

Tha Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh air gealltanas a thoirt seachad gu bheil an t-ùghdarras a' dol a dhèiligeadh leis na sgoiltean ann an Inbhir Nis a tha loma-làn.

Tha an suidheachadh gu sònraichte a' bualadh air ceann a deas a' bhaile far a bheil àireamh an t-sluaigh air leudachadh gu mòr.

Co-chomhairleachadh

Tha comhairlichean agus oifigearan air a bhith a' cumail bhùithtean obrach airson beachdachadh air na ceumanan dh' fhaodadh iad a ghabhail.

Tha e air thighinn am follais gu bheilear a' beachdachadh air sgoil Ghàidhlig ùr a thogail ri taobh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.

Agus bhiodh an togalach far a bheil Bun-sgoil Gàidhlig Inbhir Nis an-dràsta ri fhaighinn son foghlam tro mheadhan na Beurla.

Ach thuirt Mairead NicDhàibhidh gu bheil a h-uile roghainn fhathast air a' bhòrd, gum feumar bruidhinn ri pàrantan agus ri buidhnean eile mun a leithid agus gun rachadh co-comhairleachadh mòr a chumail air na molaidhean nuair thèid an cur air adhart gu h-oifigeil.