Corp air a lorg às dèidh do neach-turais Gearmailteach a dhol a dhìth

  • 13 An Lùnasdal 2017
Torsten Kulke Image copyright Poileas Alba
Image caption Chaidh Torsten Kulke fhaicinn mu dheireadh faisg air Àird Ùig air an 28mh den Iuchair.

Tha oifigearan poileis a bha an sàs anns an sgrùdadh 'son neach-turais Gearmailteach anns na h-Eileanan an Iar air dearbhadh gun deach corp a lorg.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn gun robh Torsten Kulke, 48, air a dhol a dhìth air 31 den Iuchair, beagan làithean às dèidh siubhail a dh'Eilean Leòdhais.

Chunnacas mu deireadh e ann an Àird Ùig mu 6:00f. Dihaoine 28mh den Iuchair.

Seachdain às dèidh sin, lorgar poca-droma anns an robh stuth pearsanta a bhuineadh do Mhaighstir Kulke air bàrr nan creagan faisg air a' chladach.

Chaidh corp a lorg air an tràigh faisg air Bhaltos ann an Leòdhas mu 3:35f. Disathairne.

Cha deach an corp ainmeachadh gu h-oifigeil fhathast ach tha na poilis air dearbhadh gun deach fios a chur dhan teaghlach aig Maighstir Kulke.

Chan eil dad amharrasach mun ghnothach.

Thèid aithisg a chur gu neach-casaid a' chrùin.