Cobhair air tè-choiseachd sa Bhràighe

  • 11 An Lùnasdal 2017

Chaidh cobhair a dhèanamh air tè a bha a' coiseachd 's a chaidh a ghlacadh air creagan san Eilean Sgitheanach oidhche Ardaoin.

Bha Heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh, sgiobannan teasairginn air chois bho Dhùn Bheagain, an Caol agus Port Rìgh, agus buill de Sgioba Teasairginn Bheanntan an Eilein Sgitheanaich, an sàs san iomairt, an dèidh mar a chuir boireannach fòn air na seirbheisean èiginneach mu 7:30f.

Chaidh a lorg ann am Peighinn a' Chorrain, sa Bhràighe, leis na Maoir-Chladaich.

"Bha i glacte air creig air chuairt mun chladach, ach bha biadh agus uisge aice," thuit tè-labhairt bho Bhuidhinn na Mara 's nam Maor-Cladaich.

"Chaidh cofhurtachd a thoirt don bhoireannach air a' fòn mus do ràinig na Maoir-Chladaich gus a saoradh 's a toirt gu sàbhailteachd."