Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Blair Logan

Bidh aig fireannach, aois 27 bliadhna, a mhuirt a bhràthair agus a dh'fheuch ri leannan a bhràthar a mharbhadh Là na Bliadhna Ùire ri 20 bliadhna a chur seachad sa phrìosan mus tèid beachdachadh air paròl. Mhuirt Blair Logan Camshron Logan le a bhith a' dortadh peatroil air agus ga chur na theine ann an dachaigh an teaghlaidh ann am Muileann Dhàibhidh faisg air Glaschu. Ann an litir a chaidh a leughadh sa chùirt thuirt pàrantan an dithis gun robh e garbh duilich dhaibh a chreidsinn gur e Blair a dh'adhbhraich bàs Chamshroin.

Coirea a Tuath

Thuirt Rùnaire Dìon nan Stàitean Aonaichte, Seumas Mattis, gu bheil Aimeireaga fhathast an dòchas dèiligeadh ris an staing le Coirea a Tuath ann an dòigh dhioplomasaich an dèidh dhan Cheann-Suidhe Trump briathrain làidir a chleachdadh uair eile. An-dè thuirt an Riaghaltas ann am Pyongyang gun robh iad a' cur crìch air na planaichean aca ceithir urchairean a losgadh faisg air an eilean Aimeireaganach Guam. Thuirt Mgr Mattis ged a tha iad ullaichte airson na feachdan armaichte a chleachdadh, gu bheil adhartas ga dhèanamh le dioplomasaidh.

TB a' Chruidh

Fhuairear TB a' chruidh ann an stoc san Eilean Sgitheannach. Tha am BBC a' tuigsinn gun deach 21 bheathach mairt a spadadh agus gun deach bacadh a chur air gluasad bheathaichean air an tuathanans. Tha rannsachadh ga dhèanamh faic cò às a thàinig an galar. Ged a nochd 40 cùis ùr den ghalar ann an Alba sa bhliadhna gu deireadh a' Ghiblein, tha an dùthaich - gu h-oifigeil - saor bhon ghalar.

Teine

Bhàsaich boireannach, aois 46, ann an teine ann an Anainn. Chaidh an t-seirbheis-smàlaidh a ghairm gu Addison Place goirid ro 02:30m. Tha rannsachadh ga dhèanamh faic dè a dh'adhbhraich an teine.

Brexit

Thuirt fear a bha na àrd-chomhairliche do Rùnaire a' Bhrexit, gun d' fhuair e taic bho dhithis mhinistearan sa Chaibineat mu bheachd gum bu chòir pàrtaidh poileataigeach ùr a bhith air a stèidheachadh a bhios ag iomairt airson fuireach san Aonadh Eòrpach. Tha Seumas Chapman, a bha na cheannard air luchd-obrach Dhàibhidh Davis, ag ràdh gur e call mòr a bhios ann nuair a tharraingeas Breatainn a-mach às an EU.

Tinneas Lyme

Tha NHS nan Eilean Siar a' cumail co-labhairt ann am Beinn nam Fadhla an-diugh mu ghartain agus an tinneas Lyme. Tha eòlaichean slàinte, manaidsearan fearainn, agus lìghichean-sprèidh am measg na bhios aig an tachartas. Tha àireamhan nan daoine air a bheil tinneas Lyme nas àirde an Uibhist na tha iad an àiteachan eile sna h-Eileanan Siar agus iad ag èirigh. Tha an tinneas a' tighinn air daoine bho ghartain.

Èideadh-sgoile

Dh'iarr Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, air comhairlean na h-Alba suim a stèidheachadh a bhios ri fhaotainn aig a' char as lugha airson pàrantan a chuideachadh le cosgaisean èideadh-sgoile. Seo an dèidh dha a thighinn am follais gu bheil atharrachaidhean mòra anns an taic a tha ri fhaotainn ann an diofar sgìrean. Ann an Lodainn gheibh pàrantan nach eil math dheth suas ri £110 airson gach leannaibh. Ann an Siorrachd Àir a Tuath chan fhaigh iad ach £40.