Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coirea a Tuath

Thuirt Coirea a Tuath gu bheil dìth na cèille air a' Cheann-Suidhe Trump, a thuirt gun dèan e "dìoghaltas le teine agus fearg" air Coirea a Tuath mura sguir iad de mhaoidheadh air na Stàitean Aonaichte. Tha an Riaghaltas ann am Pyong Yang fhathast a' bruidhinn air urchairean balistic a chur gu ruige Guam anns a' Chuan Shèimh, a bhuineas dha na Stàitean Aonaichte.

Cion Dachaigh

Tha rannsachadh bho Oilthigh Herriot Watt ann an Dùn Èideann ag ràdh gum faodadh an àireamh gun dachaigh an Alba èirigh còrr is leth uimhir an taobh a-staigh còig bliadhna fichead. Agus tha an rannsachadh dhan charthannas Crisis ag ràdh ma leanas poileasaidhean eaconamach mar a tha iad gu bheil cunnart ann gun dùblaich an àireamh dhaoine aig nach eil àite ceart anns an caidil iad bho 800 gu còrr is 1,500.

An t-Eilean Sgitheanach

Tha feadhainn a tha ag iomairt airson seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach den bheachd nach eil plana coileanta aig NHS na Gàidhealtachd. Bha coinneamh aig riochdairean na sgìre ris an NHS an-raoir ann an ceann a tuath an eilein, far a bheil dragh mu ghearradh sheirbheisean agus ghoireasan aig Ospadal Phort Rìgh, agus tha iad a' gearain nach do rinn an NHS conaltradh ceart ris na coimhearsnachdan sin mus do thòisich iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air na seirbheisean.

Siucair

Tha Cancer Research UK ag ràdh gu bheil còrr is ceud tunna de shiucair sa bhiadh a tha muinntir na h-Alba a' ceannach a h-uile là, anns na bargain shònraichte a tha na bùthainnean mòra a' tabhann. Tha an carthannas ag iarraidh laghan ùra airson smachd air siucair ann am biadh - "Junk Food" - a tha, a rèir na buidhne, a' tighinn gu 40% den chosgais air biadh ann an dachannan Albannach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' bruidhinn ris na bùthainnean mòra mu dhòighean air biadh falain a dhèanamh nas tarraingiche.

Lioncs

Tha dragh air tuathanaich 's air croitearan mu phlana airson lioncs a thilleadh gu sgìrean den Ghàidhealtachd. Tha Urras an Lioncs a' bruidhinn an-dràsta ri uachdarain ann an Earra-Ghàidheal, agus ann an Siorrachd Inbhir Nis mu na cait mhòra a chur air na h-oighreachdan aca, 's iad ag ràdh gum biodh iad gu buannachd na h-àrainneachd.