Cead ga mholadh 'son Wi-Fi poblach an asgaidh

  • 10 An Lùnasdal 2017
Soidhne wifi Image copyright Getty Images
Image caption Cosgaidh an sgeama £115,000 a chur an sàs agus mu £20,000 gach bliadhna 'son a ruith.

Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach gabhail ri molaidhean 'son sgeama Wi-Fi poblach an asgaidh a sgaoileadh gu 14 bailtean air feadh na sgìre nas fhàide air a' mhìos seo.

Cosgaidh am pròiseact timcheall air £115,000, le airgead a' tighinn bho Aonta Bhaile Sgìre Inbhir Nis.

Tha seo a' tighinn às dèidh sgeama paidhleit soirbheachail den aon sheòrsa ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Chleachd eadar 300 is 500 neach an siostam Wi-Fi an asgaidh ann an Inbhir Nis gach là bhon a chaidh a stèidheachadh timcheall air sràidean an t-seanna bhaile sa Ghearran am-bliadhna.

Chaidh aontachadh mar-thà 'son an sgeama a leudachadh gu sgìrean eile ann an Inbhir Nis.

Ath-bheòthachadh

Agus thèid iarraidh air comhairlichean an ath sheachdain na goireasan a sgaoileadh gu 14 bailtean eile.

Nam measg, dh'fhaodadh Alanais, an Aghaidh Mhòr, Inbhr Pheofharain, Dòrnach, Druim na Drochaid, Baile Dhubhthaich, Ulapul, Port Rìgh agus Inbhir Ùige buannachd fhaighinn às.

Thuirt Cathraiche Comataidh nan Àiteachan, Ailean MacEanraig gun cosg an sgeama £115,000 a chur an sàs agus mu £20,000 gach bliadhna 'son a ruith.

Tha esan an dùil gun tòisich an t-seirbheis anns na bailtean uile ro dheireadh na bliadhna.

Thathar an dòchas gum faigh luchd-turais agus muinntir an àite buannachd às agus gum bi e na chuideachadh gus meadhan nam bailtean seo ath-bheòthachadh.