Iomagain mu bhradan gin-atharraichte

  • 10 An Lùnasdal 2017
Bradan Image copyright Getty Images
Image caption Tha iomagain air eòlaichean àrainneachd gum faodadh an t-iasg GM seo sgapadh dhan Chuan Siar agus tòiseachadh a' briodadh le bradain fhiadhaich.

Tha draghan gan togail gum faodadh bradain gin-atharraichte a chaidh àrach ann an Ceann a Tuath Aimeireaga buaidh a thoirt air bradain fhiadhaich ann an Alba.

Tha iomagain air eòlaichean àrainneachd gum faodadh an t-iasg GM sgapadh dhan Chuan Shiar agus tòiseachadh a' briodadh le bradain fhiadhaich.

'S e a' chompanaidh AquaBounty Technologies, a tha stèidhichte anns na Staitean Aonaichte a tha air am bradan gin-atharraichte seo a chruthachadh.

Tha iad air stuth ginteil bho bhradain às a' Chuan Shèimh a mheasgachadh le stuth bho sheòrsa de dh'easgainn airson iasg a tha nas motha agus a tha a' fàs na luaithe a dhèanamh.

Tha an t-iasg a-nis ga reic ann am bùithtean ann an Canada.

Ach tha luchd-dìon na h-àrainneachd air draghan a thogail mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann nam briodadh iad le bradain fhaidhaich.

Prothaidean

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil an t-iasg seo seasg ach tha am ball-pàrlamaid Albannach Uaine 'son na Gàidhealtachd, Iain Finnie air draghan a thogail gum faodadh iad nochdadh mar bhiadh ann an Alba.

Thuirt Mgr Finnie: "Tha rudeigin mar seo - a tha gu tur stèidhichte air prothaidean a dhèanamh, na adhbhar iomagain dhan bhiadh againn.

"Tha grunn rudan a' bualadh air an seo - gu follaiseach, tha an Rìoghachd Aonaichte ga tarraing fhèin a-mach às an Aonadh Eòrpach.

"Tha fios aig daoine mun fheòil cìrce a tha air a bogadh ann an clòrain, tha cunnart ann gum faodadh seo a bhith air a chomharrachadh san aon dòigh agus a bhith air a cheadachadh dhan t-siostam bìdh againn.

Thuirt neach-labhairt 'son Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach tigeadh lùghdachadh air na h-ìrean sàbhailteachd àrda do bhidh anns an dùthaich seo mar phàirt dh'iomairt 'son aonta malairt a ruighinn.