Moladh gun chìs a chur air luchd-turais

  • 10 An Lùnasdal 2017
An t-Eilean Sgitheanach Image copyright Getty Images
Image caption Tha moladh ann gum bu chòir cìs a stèidheachadh airson leasachaidhean mu choinneimh àireamhan mòra de luchd-turais.

Mhol Ball-Pàrlamaid Albannach an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach gun chìs a chur air luchd-turais a tha a' dol dhan Eilean Sgitheanach.

Tha moladh ann gum bu chòir cìs a stèidheachadh airson leasachaidhean mu choinneimh àireamhan mòra de luchd-turais.

Dh'iarr Ceit Fhoirbeis air Comhairle na Gàidhealtachd gun a leithid a dhèanamh às dèidh dhaibh dearbhadh gu bheil iad a' toirt sùil air a' chùis.

Dhearbh am BPA gun robh coinneamh aice ri comhairlichean, agus ris a' bhuidhinn SkyeConnect, 'son bruidhinn mu bhun-structar an eilein.

Thuirt i: "Tha fios 'am gu bheil na comhairlichean a' coimhead air rudan mar phàrcadh agus taighean-beaga.

"Tha mise a' feuchainn ri airgead fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba a-thaobh tursasachd, agus tha SkyeConnect a' feuchainn ri barrachd a dhèanamh a thaobh nan gnìomhachasan ag obair le chèile airosn airgead a chur a-steach ann am bun-structar.

"Tha fios agam gu bheil tòrr cuideim air an Eilean Sgitheanach an-dràsta.

"Tha e gu math doirbh airson daoine a tha a' feuchainn ri dhol dhan obair neo a dhol dhan sgoil agus tha sinn uile a' feuchainn ri rudeigin a dhèanamh a thaobh sin.