Luchd-àiteachais draghail mu phlana 'son lioncs a thoirt air ais

  • 10 An Lùnasdal 2017
Lioncs Image copyright Getty Images

Tha tuathanaich agus croitearan air dragh a thogail an aghaidh phlanichean gus lioncs a thilleadh gu pàirtean den Ghàidhealtachd.

Thuirt Urras Lioncs na Rìoghachd Aonaichte gun robh iad air bruidhinn ri uachdarain ann an dà sgìre ann an Earra-Ghàidheal agus Siorrachd Inbhir Nis mar-thà mu sgeama phìleit a thòiseachadh airson na cait mhòra a thoirt air ais dhan tìr.

Tha an t-Urras ag obair air planaichean gus lioncs a thoirt air ais gu pàirtean de choille Kielder ann an ceann a tuath Shasain a bharrachd air sgìrean ann an Alba.

Ach tha na planaichean air dragh a chur air tuathanaich agus croitearan mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air stoc.

Thuirt an t-Oll. Pòl O'Donaghue bhon Urras nach eil uimhir de bhrìgh anns na draghan agus gum faodadh na buannachdan san fharsaingeachd a bhith fada nas motha.

Ach thuirt iar-stiùiriche poileasaidh Aonadh nan Tuathanach, Anndra Bauer, gum bi na planaichean nan uallach do bhuill ach nach robh e a' smaointinn gun tig na planaichean lioncs a thoirt air ais dhan dùthaich gu buil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo