Dragh mu sheirbheisean slàinte Sgitheanach

  • 10 An Lùnasdal 2017

Chaidh dragh mu sheirbheisean slàinte an Eilein Sgiathanaich a chur mu choinneimh NHS na Gàidhealtachd aig coinneimh ann an Cille Mhoire oidhche Chiadain.

'S ann anns na ceàrnaidhean iomallach sin de cheann a tuath an eilein as motha a tha dragh mu ghearradh sheirbheisean agus ghoireasan aig Ospadal Phort Rìgh.

Agus tha iad a'gearain nach do rinn an NHS conaltradh ceart anns na coimhearsdnachdan sin mus do thòisich iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air na seirbheisean.

Bha luchd-iomairt, BPA na sgìre, agus riochdairean bho NHS na Gàidhealtachd aig a' coinneimh.

Thuirt Niall Feargasdan bhon bhuidhinn strì, SOS NHS gun deach tòrr cheistean a-thogail mu dheidhinn luchd-obrach agus an dòigh ann an robh iad a' dèiligeadh le daoine ann an ceann a tuath an eilein.

A' bruidhinn às dèidh na coineimh, thuirt e: "Bha iad ag ràdh gun robh duilgheadasan aca le taighean-cùraim agus cùram an dèidh obair-lannsa ach cha robh iad a' dèanamh soilleir idir ciamar a bha an t-slighe air adhart ag obrachadh a-mach.

"Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gu bheil iad a' dol a bhith a' deasbad a-rithist gu ceann a tuath an eilein agus mu dheidhinn an eilein ach gheàrr iad a-mach sinn anns na deasbadan sin air na mìosan a chaidh seachad ach tha iad a' feuchainn ri sin a chur ceart an-dràsta."

Tuilleadh air an sgeulachd seo