Dragh mu sheirbheisean slàinte an Eilein
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Nochd BPA dragh mu sheirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich

9 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Ball Pàrlamaid Gàidhealach air slaic a thoirt air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd airson an dòigh anns a bheil iad a' làimhseachadh sheirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach.

Thuirt Ceit Fhoirbeis, Ball Pàrlamaid Albannach airson an Eilein Sgitheanaich, Loch Abar agus Bàideanach nach eil e math gu leòr nach eil Ospadal Phort Rìgh a' gabhail euslaintich ùra ri lìn dìth luchd-obrach.