Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Paris

Chaidh sianar shaighdearan a ghoirteachadh, dithis dhiubh gu dona, nuair a chaidh càr a stiùireadh nam measg air taobh siar Paris. Bha iad ann am patròl a chaidh a stèidheachadh an dèidh na ceannairc a bh' aig oifisean na h-iris Charlie Hebdo ann an 2015. Tha poilis fhathast a' coimhead airson a' chàir agus an dràibhear.

Coirea a Tuath

Tha an càirdeas eadar Coirea a Tuath agus na Stàitean Aonaichte a' sìor choimhead cugallach. Thuirt Coirea a Tuath gu bheil iad a' beachdachadh air ionnsaigh le urchairean air eilean Guam anns a' Chuan Shèimh, a bhuineas dha na Stàitean Aonaichte, agus far a bheil armachd stèidhichte aca. Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gun tig dìoghaltas air Coirea a Tuath mura sguir iad de mhaoidheadh air Aimeireaga.

Brexit

Bidh tuilleadh chòmhraidhean mu Bhrexit eadar Riaghaltas Bhreatainn agus Riaghaltas na h-Alba ann an Dùn Èideann an-diugh. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil Brexit a' cur fèin-riaghladh ann an cunnart. Tha ministearan na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gum faigh Pàrlamaid na h-Alba tuilleadh chumhachdan.

Ospadal Phort Rìgh

Tha Ceit Fhoirbeis, Ball an Eilein Sgitheanaich ann am Pàrlamaid na h-Alba, ag ràdh gu bheil staing aig Ospadal Phort Rìgh a' dearbhadh dhì-se nach do chùm Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ris na gheall iad mu sheirbheisean slàinte san eilean mus biodh ospadal ùr anns an Ath Leathann. Tha Ospadal Phort Rìgh air a bhith dùinte còrr is seachdain a-niste do dh'euslaintich ùra. Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gur e cion luchd-obrach as coireach, le feadhainn dheth tinn agus feadhainn air saor-làithean. Ach tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh nach eil sin math gu leòr.

Geàrrloch

Tha leanabh, còig bliadhna de dh'aois, san ospadal an dèidh a thogail às a' mhuir faisg air Geàrrloch feasgar an-dè. Thug heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh an leanabh gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, agus e coltach gun robh e air a lathadh leis an fhuachd.

An t-Eilean Sgitheanach

Tha poilis ag iarraidh air luchd-turais an t-Eilean Sgitheanach a sheachnadh an-diugh mura bheil àite aca anns am fuirich iad a-nochd. 'S e geamaichean Gàidhealach an eilein ann am Port Rìgh mar as trice an là as trainge ann an seusan turasachd an eilein, agus air an dearbh oidhche an-uiridh b' fheudar ionad coimhearsnachd Phort Rìgh fhosgladh do dhaoine air an do dh'fhailich e àite fhaighinn anns am fuiricheadh iad.

Corbyn

Bidh ceannard a' Phàrtaidh Làbaraich, Jeremy Corbyn, a' tadhal air Steòrnabhagh cola-deug an-diugh. Tha a thuras dha na h-Eileanan a' tighinn mar phàirt de dh'iomairt tadhail air grunn sgìrean an Alba a tha na Làbaraich an dòchas a bhuanachadh air ais on SNP.