Lioncs 30 mìle bho Ghlaschu?

  • 9 An Lùnasdal 2017
Lioncs Image copyright cgwp.co.uk
Image caption Dheadh suas ri 250 lioncs a leigeil ma sgaoil eadar Loch Laomainn agus taobh siar na Gàidhealtachd.

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson an Lioncs Eoràisianach a leigeil ma sgaoil 30 mìle bho Ghlaschu, 1,300 bliadhna an dèidh dha a dhol à bith ann am Breatainn.

Tha Urras Lioncs na RA air a bhith ann an còmhraidhean le uachdarain mu dheuchainn a dhèanamh leis na beathaichean ann an Earra-Ghàidheal, agus ann an Siorrachd Inbhir Nis.

Chuir an t-Urras cuideachd planaichean air beulaibh na buidhne Natural England airson sgeama den leithid ann am Frith Khielder ann an Northumberland.

Tha cuid a' cur an aghaidh a' phlana ge-tà, 's iad draghail gum marbhadh na beathaichean stoc.

250 Lioncs

Tha an t-Urras a' cumail a-mach gun toireadh an lioncs buannachdan eag-eòlasach do na sgìrean, le bhith a' cumail smachd air na th' ann de dh'fhèidh, agus a bhith a' dìon a' chapaill choille, a tha a' crìonadh.

Thuirt an Dr Paul O'Donoghue bhon Urras gu bheil mar a tha cus fhiadh ann an Alba a' dèanamh milleadh air coilltean, a' cur às do chraobhan òga.

Thuirt e cuideachd gu bheil mar a tha taghain a' sìor fhàs nas pailte a' toirt droch bhuaidh air a' chapall choille, leis na beathaichean ag ithe uighean nan eun.

"'S e seo eisimpleir chlasaigeach den droch bhuaidh a bheir a bhith a' toirt bheathaichean leithid an lioncs a-mach à siostam nàdair," thuirt e.

Thuirt e gun robh lioncs cuideachd air an aithneachadh airson mar a tha iad a' cumail smachd air fèidh, le bhith a' toirt air na fèidh a bhith a' gluasad an-còmhnaidh, seach a bhith a' fuireach an aon àite, a' fàgail nach bi iad ag ithe a h-uile càil ann an aon àite, ach gum bi iad ag ithe beagan air feadh na coille, gun a bhith a' dèanamh milleadh.

Bu chòir gun toireadh lioncs air taghain gun cho fada a chur seachad air làr na coille, far an lorg iad neadan chapall coille, thuirt e.

Image copyright Getty Images

Chaidh sgìre sa bheil 10,000 mìle ceàrnagach de mheud a thaghadh airson na sgeama pìleat, agus an t-Urras ag ràdh gun toireadh sin dachaigh "gu cofhurtail do 250 lioncs".

Bhiodh an sgìre sin eadar Loch Laomainn agus taobh siar na Gàidhealtachd.

Tha co-chomhairle a' dol air adhart mar thà le grunn uachdaran san sgìre.

Nam measg tha Eoghan MacIllEathain, a bhuineas do Leathannaich Àird Dhobhair, aig a bheil oighreachd 30,000 acair air iomall an iar na sgìre air a bheileas a' bruidhinn.

"Tha sinne gu math taiceil do dh'oidhirp sam bith gus an àrainneachd nàdarra ath-chothromachadh," thuirt e.

"Saoilidh mi gur e rud a tha seo a dh'fhaodadh buannachdan mòra a thoirt do na coilltean againn, agus gun cuir e ris an eag-thurasachd air leth a tha ri fhaighinn san sgìre seo mar thà".

Thuirt Mgr O'Donoghue: "Tha sinn air bhioran a bhith a' coimhead, còmhla ris a' choimhearsnachd ionadail, ri tuilleadh sgeamaichean pìleat le lioncs.

"Smaoinich cho math 's a bhiodh e a bhith a' leum air bus ann an Glaschu 's a bhith ann an àrainneachd lioncs an ceann leth-uair de thìde."