Dreuchd Choimiseanair na Cuimris ga cur à bith

  • 9 An Lùnasdal 2017
Cuimris
Image caption Tha Riaghaltas na Cuimrigh ag amas air millean duine a bhith a' bruidhinn na Cuimris ro 2050

Tha Seanadh na Cuimrigh a' moladh cur às de dhreuchd Choimiseanar na Cuimris, 's iad ag amas air millean duine a bhith a' bruidhinn a' chànain ro 2050.

Thuirt Ministear na Cuimris, Alun Davies, gun tèid coimisean ùr a stèidheachadh, an àite dìreadh aon choimiseanair.

Dh'iarr an coimiseanair a th' ann an-dràsta, Meri Huws, dearbhadh gur ann a bheireadh atharrachadh piseach air suidheachadh a' chànain.

Tha dragh cuideachd air a' bhuidhinn-iomairt Cymdeithas yr Iaith Gymraeg gun tèid coirichean luchd-labhairt na Cuimris a lagachadh ma thèid cur às de dhreuchd a' choimiseanair.