Cùrsa nam Meadhanan ga fhàiligeadh a-rithist

  • 9 An Lùnasdal 2017
Colaiste Inbhir Nis (UHI)
Image caption Rinn 13 oileanaich Cùrsa nam Meadhanan am-bliadhna.

Tha a h-uile oileanach a rinn Cùrsa nam Meadhanan aig Àrd-Ìre aig Colaiste Inbhir Nis (UHI) air a' chùrsa fhàiligeadh airson na dàrna bliadhna.

Rinn 13 oileanaich an cùrsa, a chaidh a dhealbh às ùr às dèidh mar a chaidh fhàiligeadh le na h-oileanaich gu lèir an-uiridh.

Thuirt Ceannard Eadar-amail na Colaiste, Ruairidh Henry, gur e fìor bhrìseadh-dùil a bh' ann dhaibh.

Thuirt a' cholaiste nach bi iad a' tabhann a' chùrsa airson na bliadhna seo, ach gun robh iad air co-dhùnadh a leigeil seachad co-dhiù mus do nochd toradh nan deuchainnean Dimàirt.

Thuirt iad nach eil seo idir na shamhla air ìrean soirbheachais aig a' cholaiste.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile