Ionad ùr mu Hiort

  • 9 An Lùnasdal 2017
Hiort
Image caption Bha Leòdhas, na Hearadh agus Uibhist a Tuath a' farpais airson ionad fiosrachaidh Hiort.

Tha cead ga shireadh ann an Uibhist a Tuath airson ionad ùr a bhiodh a' taisbeanadh nan ceanglaichean eadar an sgìre sin agus Hiort.

Bha Uibhist a Tuath am measg na bha a' farpais airson ionad fiosrachaidh ùr mu Hiort anns na h-Eileanan Siar, ach aig a' cheann-thall chaidh co-dhùnadh gur ann an Ùig Leòdhais a dheadh sin a thogail.

Bhiodh an t-ionad ùr ann an Uibhist a Tuath ag obair ann am compairteachas le ionad Leòdhais.

'S e a' bhuidheann "Sealladh Hiort" a th' air cùl nam planaichean, 's iad a' sireadh chead-dealbhachaidh ann am prionnsabal bho Chomhairle nan Eilean Siar.

Bhiodh an t-ionad ùr a' coimhead tarsaing air Scolpaig, le sealladh math ann de Hiort.