Dragh mu TB a' chruidh ann an Sasainn

  • 9 An Lùnasdal 2017
Crodh Image copyright AFP
Image caption Tha Alba air a h-aithneachadh mar dhùthaich a tha saor bhon ghalar.

Tha dragh air cuid de thuathanaich ann an Alba gum faodadh an dùthaich a h-inbhe mar àite a tha saor bho ThB a' chruidh a chall, às dèidh mar a chaidh cùis den ghalar a dhearbhadh ann am broc ann an Cumbria.

Ged a tha an galar air a bhith am measg chruidh ann an Cumbria bho chionn grunn bhliadhnaichean, 's e seo a' chiad turas a chaidh a dhearbhadh ann am beathach fiadhaich.

Chan eil e soilleir dè cho bitheanta 's a tha an galar ann an Cumbria, ach tha e glè ghabhaltach agus bidh e nas duilghe smachd a chumail air ma sgapas e am measg fiadh-bheatha.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tha NFU na h-Alba airson aire tharraing dhan t-suidheachadh an Sasainn

Ged a tha corra chùis air nochdadh ann an Alba roimhe, tha i fhathast air a h-aithneachadh mar dhùthaich a tha saor bhon ghalar.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh.