Gille tinn air a' ghluasad a Dhun Eideann

  • 9 An Lùnasdal 2017
Heileacoptair
Image caption Chaidh an leanabh a sgèith dhan ospadal ann an Inbhir Nis dimàirt agus a' ghluasad a Dhùn Eideann diciadain.

Chaidh balach, 6, a ghluasad à ospadal ann an Inbhir Nis gu Ospadal Rìoghal na Cloinne Tinn, às dèidh mar a chaidh a thoirt às a' mhuir faisg air Geàrrloch Dimàirt.

Chaidh fios a chur air sgioba nam maor-cladaich agus carbad-eiridinn mu 16:00f, agus chaidh an leanabh a sgèith dhan ospadal le heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh.

Tha dùil gun robh e air a lathadh leis an fhuachd.

Chan eil an còrr fiosrachaidh ann mu shuidheachadh an leanaibh.

Bidh an sgìre a' tàladh tòrr luchd-turais agus b' e seo an dàrna turas taobh a-staigh seachdainn a chaidh cobhair a dhèanamh air daoine aig muir.