Rabhadh do luchd-turais san Eilean Sgitheanach

  • 9 An Lùnasdal 2017
Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Image caption Tha dragh ann mu na tha de luchd-turais a' tighinn dhan Eilean Sgitheanaich, 's nach eil goireasan ceart ann dhaibh.

'S e là gu math trang a bhios ann ann am Port Rìgh Diciadain, 's na Geamaichean gan cumail ann am Port Rìgh.

Tha na Poilis a' toirt rabhadh do dhaoine timcheall air drochaid an eilein àite-fuirich a chur air dòigh mus tèid iad ann ma tha iad airson an oidhche a chur seachad air an eilean.

Air an dearbh oidhche an-uiridh b'fheudar Ionad Coimhearsnachd Phort Rìgh fhosgladh do dhaoine air an do dh'fhailich e àite fhaighinn far an cuireadh iad seachad na h-oidhche.

Comhairle

Thuirt an Seàirdseant Bruce Crawford bho Phoilis Alba gum bi daoine tric a' nochdadh aig an stèisean poilis ag ràdh nach urrainn dhaibh àite-fuirich e lorg.

Mhol e do dhaoine àite-fuirich a chur air dòigh ro làimh, mura h-eil iad airson an oidhche a chur seachad nan cuid chàraichean.

Nochd mòran dhaoine draghan air an t-Samhradh seo mu cho trang 's tha an t-eilean le luchd-turais, agus an t-uallach a th' air goireasan an eilein ri linn sin.

Tha cuid a tha an sàs ann an gnìomhachas turasachd an eilein a' moladh cìs bheag a chur air luchd-turais, a phàigheadh airson goireasan nas fheàrr a chur air dòigh dhaibh.

Tha feadhainn eile gu làidir na h-aghaidh ge-tà, agus strì mhòr ann roimhe airson cìsean a thoirt far Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Tuilleadh air an sgeulachd seo