Tuilleadh sgrùdaidh air seacaidean-sàbhalaidh

  • 8 An Lùnasdal 2017
An Louisa
Image caption Thog aithisg an MAIB ceist mu na seacaidean-sàbhalaidh air criutha an Louisa

Tha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich air innse gu bheil iad a' cur nan seacaidean-sàbhalaidh den t-seòrsa a bh' air a 'Louisa' tro dheuchainnean ùra 'son dearbhadh a bheil iad dha-rìribh ag obair ceart.

Chaill triùir den chriutha am beatha nuair a chaidh am bàt'-iasgaich fodha far Mhiùghlaidh an-uiridh.

Ann an rannsachadh oifigeil, thog Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara ceist co-dhiù an do dh'obraich na seacaidean-sàbhalaidh a bh' orra mar a bu chòir.

Tha na seacaidean-sàbhalaidh Cosalt Premier gu math bitheanta air feadh a' ghnìomhachais.

Tha an MCA ag ràdh gu bheil iad a-nis a' dèanamh rannsachaidh ùir, agus a' còmhradh ri buidhnean ann an dùthchannan eile.

Thuirt e gur e seo a' chiad turas a chaidh draghan a thogail leotha mu na seacaidean-sàbhalaidh seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile