Iomairt an aghaidh dhrogaichean an Inbhir Nis

  • 8 An Lùnasdal 2017

Tha Poilis Alba ag ràdh gun d' fhuair iad greim air drogaichean, luach mu £1200, ann an iomairt ann an Inbhir Nis.

Fhuair oifigearan an cocaine air Sràid na h-Acadamaidh ann an meadhan a' bhaile air Diluain, an 7mh là dhen Lùnastal.

Chaidh fireannach, 38, a chur an greim agus thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.