'Cha do chùm an NHS ris na gheall iad' a-rèir BPA

  • 9 An Lùnasdal 2017
Ospadal Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Thathas a' fàgail air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd nach eil iad air cumail rin gealltanas nach tigeadh atharrachadh air suidheachadh slàinte an eilein, mus fhosgladh ospadal ùr san Ath Leathann.

'S e sin a tha BPA an Eilein Sgitheanaich, Rois agus Loch Abair, Ceit Fhoirbeis, a' cur às leth a' bhùird shlàinte

Bha i a' bruidhinn agus Ospadal Phort Rìgh air a bhith dùinte còrr air seachdain do dh'euslaintich ùra.

Tha NHS na Gàidhealtachd a' coireachadh cion luchd-obrach.

Tha cuid den luchd-obrach air làithean-saora, thuirt iad, agus feadhainn eile dheth tinn.

Mì-thoileachas

Thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheil i gu math mì-thoilichte mun t-suidheachadh, às dèidh mar a chaidh a ghealltainn roimhe nach atharraicheadh seirbheisean slàinte an eilein mus biodh an t-ospadal ùr ann.

"'S e an trioblaid a th' ann nach urrainn dhaibh nursaichean eile fhaighinn, agus 's e an trioblaid nach eil na cùmhnantan math gu leòr an-dràsta - mura h-eil barantas ann a thaobh na h-obrach agad, chan eil thu dol a dh'obair ann an àite agus feumaidh iad na cùmhnantan a dhèanamh nas fheàrr gus am bi an obair nas tarraingiche."

Dh'iarradh i air NHS na Gàidhealtachd luchd-obrach a thoirt a-steach à sgìrean eile air a' Ghàidhealtachd anns an eadar-ama.

Tha Bord Slàinte na Gàidhealtachd ag ràdh nach ann a-mhàin air a' Ghàidhealtachd a tha cion luchd-obrach na dhuilgheadas ach tron dùthaich air fad.

Tha ospadal leigheas inntinn na Gàidhealtachd, New Craigs, cuideachd dùinte do dh'euslaintich ùra an-dràsta.