Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Àrd-bhritheamh na Rìoghachd Aonaichte gu feum an riaghaltas innse gu mionaideach de an dreach a bhios air lagh na dùthcha an dèidh Brexit. Tha am Morair Neuberger ag ràdh gu feum britheamhan stiùireadh follaiseach air de an ìre dha feum iad cumail ri co-dhunaidhean Chùirt Cheartais na h-Eòrpa an dèidh do Bhreatainn falbh as an EU.

Deuchainnean

Tha mu sheachd fichead mìle de chloinn-sgoile ann an Alba a' faighinn a-mach an-diugh ciamar a chaidh dhaibh sna deuchainnean. Tha feadhainn a dh'iarr fios le teacs neo post-dealain air sin fhaighinn mu thràth agus gheibh an corr anns a' phost e. Tha Buidheann Leasachaidh Sgilean na h-Alba ag ràdh gu bheil loidhne-taic aca do dh'fheadainn nach do rinn cho math 's bha iad an dòchas.

Cosnadh

Tha cosnadh làn-ùine, agus ìre-tuarasdail aig am bidh daoine a' tòiseachadh ann an dreuchd, ag èirigh ann an Alba a rèir aithisg ùr. Tha an sgrùdadh 's ùire bhon bhuidhinn IHS ag ràdh gur ann an teicneòlas IT agus obair compiutair 's motha a tha t-adhartas. Ach tha rabhadh ann bho Chaidreachas 'son Fasdadh agus Cosnadh gu bheil trioblaid aig companaidhean le luchd-obrach a bhoineas do dhùthchannan eile 'san EU a' falbh.

Cìs-thurasachd

Thàinig dearbhadh bho Chathraiche Comataidh nan Stòrasan Corporra aig Comhairle na Gàidhealtachd, Alasdair MacFhionghuinn, gu bheil còmhraidhean air a bhith aca mur tha mu chìs air luchd-turais dhan Ghàidhealtachd. Ged a dh'fheumadh an lagh atharrachadh 'son na cìse ùire a' stèidheachadh tha a' chomhairle den bheachd gur fhiach beachdachadh air sin mar dhòigh air tuilleadh airgid a thogail airson goireasan a leasachadh.

Còd bìdh

Tha luchd-iomairt slàinte ag ràdh gur e sgaineal a th' ann gu bheil cuid de na companaidhean bìdh 's motha a' seachnadh còd sgeama nan dathan a tha a' sealltainn de am mathas a th'ann am biadh. Tha a' bhuidheann, Action on Sugar, ag ràdh gu bheil companaidhean a tha a' dèanamh stuth bracaist, cereals, air an fheadhainn 's miosa.