Dòchas mu mhucan-mara ceannmhor

  • 8 An Lùnasdal 2017
Muc-mhara cheannmhor Image copyright Charlie Phillips/WDC

Tha eòlaichean bheathaichean-mara den bheachd gun do ghluais mucan-mara ceannmhor a chunnacas faisg air cidhe Inbhir Nis sna beagan làithean mu dheireadh gu uisge far a bheil barrachd dhoimhneachd.

Chaidh aon dhiubh air tìr faisg air Ceasag a Tuath Diluain.

Thàinig air lìghichean-sprèidh a cur gu bàs leis nach robh iad den bheachd gum maireadh i beò nan deadh a cur air ais dhan uisge.

Bha eagal orra cuideachd gun deadh i air tìr a-rithist agus gun leanadh na mucan-mara eile i.

Thathas a' tuigsinn gu bheil mu 30 muc-mhara sa bhuidhinn agus chaidh am faicinn oidhche Luain a' dèanamh air Linne Mhoireibh faisg air Ros Maircnidh.

Structar sòisealta

Tha Nick MacDhàibhidh, a tha na lìghiche-sprèidh aig Sgeama Cobhair nam Beathaichean-Mara, ag ràdh gu bheil structar sòisealta gu math teann aig mucan-mara ceannmhor.

"Gu math tric nuair a tha mucan-mara ceannmhor a' dol air an tràigh tha feadhainn eile - fiù 's ma tha iad cho fallain 's a ghabhas - gan leantainn chun na tràghad.

"Chan eil sinn buileach a' tuigsinn carson. Ach 's docha gun robh tè os cionn na buidhne seo agus dh'fhaodadh gur e seo i.

"Bha an tè a bhàsaich boireann agus aosta," thuirt Mgr MacDhàibhidh.

Leis gun do bhàsaich a' mhuc-mhara bha Mgr MacDhàibhidh an dòchas gun sgapadh na beathaichean agus gun deadh iad a-mach gu uisge nas doimhne.

Bho chionn sia bliadhna bhàsaich 16 mucan-mara ann an loch mara ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd an dèidh do 60 dhiubh a bhith ann an duilgheadas faisg air Diùranais.