Ceist an Gleann Comhann

  • 8 An Lùnasdal 2017
Gleann Comhann Image copyright Getty Images

Tha e air tighinn am follais nach eil a h-uile duine ann an Gleann Comhann ag aontachadh ri Urras Nàiseanta na h-Alba, a tha a' cumail a-mach gur ann a' cur dìon air an sgìre a tha iad le bhith a' toirt an aghaidh air companaidh a tha a' reic seacaid leis an ainm Glencoe.

'S ann leis an Urras Nàiseanta a tha a' mhòr-chuid de Ghleann Comhann, agus chlàir iad an t-ainm mar shuaicheantas malairt bho chionn dà bhliadhna.

O chionn ghoirid chuir iad litir chun na companaidh Hilltrek, a tha stèidhichte ann an Siorrachd Obar Dheathain, ag iarraidh orra sguir a' reic na seacaid a th' aca fon ainm.

"Bha facail na litreach gu math làidir," thuirt Dave Shand, bho Hilltrek.

Còirichean

"An toiseach cha robh mi dha-rìribh a' creidsinn gun robh e comasach dhaibh ainm-àite a chlàradh mar shuaicheantas malairt.

"Agus chuir blas na litreach iongnadh mòr orm.

"Bhiodh dùil agam ri beagan còmhraidh bhon Urras ro làimh.

"Chan e gun do dhiùlt sinn càil a dhèanamh. Cha do rinn sinn càil ach fhuair sinn litir a bha ag ràdh "sguir"," thuirt e.

Tha còrr is 1,000 neach air teachdaireachd fhàgail air duilleig Facebook na companaidh, leis a' chuid as motha dhiubh sin ag ràdh nach eil na rinn Urras Nàiseanta na h-Alba ceart.

"Chan eil mi buileach leotha agus iad ag ràdh gu bheil iad a' cur dìon air a' choimhearsnachd ionadail," thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Anndra Bacastair.

"Tha coltas ann nach eil iad ach a' cur dìon air na còirichean aca - rud a tha làn-chòir aca a bhith a' dèanamh," thuirt e.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba air dìon a chur orra fhèin.

"Tha na h-uimhir de dh'àiteachan eile air a bheil suaicheantas malairt againn," thuirt Mark Bishop, bhon Urras.

"'S e Hiort eisimpleir mhath dhiubh. Blàr Allt a' Bhonnaich na eisimpleir eile.

"Saoilidh mi gu bheil e cudromach gun tuig daoine nach do thòisich sinn a' clàradh nan suaicheantasan malairt a tha seo gus an d' fhuair sinn gun robh daoine agus gnothachasan air feadh an t-saoghail gan clàradh gun a bhith a' bruidhinn rinn idir, no a bhith an Alba, no a bhith a' cur dad ris na h-àiteachan seo.

"Mar sin, thugadh oirnn ann an dòigh, rudeigin a dhèanamh airson dìon a chur orra," thuirt e.

Bidh mòran ghnothachasan san sgìre fhèin a' cleachdadh an ainm Glencoe, ach fhuair iadsan gealltanas bhon Urras roimhe gum faodadh iad.

"Sgrìobh a' chomhairle choimhearsnachd litir cuideachd gu Urras Nàiseanta na h-Alba, a' cur an cèill nan draghan a bh' oirnn, ag iarraidh soilleireachaidh," thuirt Victoria Nic an t-Sutharlannaich, a tha na ball de chomhairle choimhearsnachd Ghlinn Chomhann.

"Gum bu chòir gum bi cead aig gnothachasan ionadail a tha mar thà a' cleachdadh an ainm Glencoe, sin a dhèanamh gun chìs.

"Agus nam biodh còmhstri sam bith ann, gun deadh bruidhinn ris a' chomhairle choimhearsnachd mus deadh a' chùis air adhart.

"Fhuair sinn na gealltanasan sin ann an sgrìobhadh," thuirt i.

Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba gu bheil iad deònach leigeil leis a' chompanaidh cumail orra a' reic na seacaid ma bheir iadsan taic dhaibh.

Ach chan eil Hilltrek, aig nach eil ach ceathrar luchd-obrach, idir airson airgead a phàigheadh dhaibh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo