'Bu chòir coimhead' air cìs luchd-turais
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

'Bu chòir coimhead' air cìs luchd-turais

8 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a ràdh gum bu chòir coimhead ri cìs a chur air luchd-turais a tha a' tighinn chun na sgìre airson barrachd airgid a chuir mu choinneimh ghoireasan agus bun-structair.

Tha an t-Ùghdarras cuideachd a' moladh gu bheil an t-àm ann gun coimhead an Riaghaltas ri barrachd airgid a thoirt dhaibh.