Còmhraidhean comataidh mu chìs turasachd

  • 8 An Lùnasdal 2017
Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Image caption Bhruidhinn a' chomtaidh air cìs 'son luchd-turais air feadh na Gàidhealtachd, chan ann a-mhàin dhan fheadhainn san Eilean Sgitheanach.

Tha còmhraidhean air a bhith ann aig ìre chomataidh aig Comhairle na Gàidhealtachd mu chìs air luchd-turais a tha a' tighinn dhan Ghàidhealtachd.

Thàinig dearbhadh bho Chathraiche Comataidh nan Stòrasan Corporra aig a' Chomhairle, Alasdair MacFhionnghain, gu bheil còmhraidhean air a bhith aca mun chìs.

Dh'fheumadh an lagh atharrachadh 'son a' chìs ùr a'steidheachadh.

Ach tha a' Chomhairle den bheachd gun fhiach beachdachadh air sin mar dhòigh air tuilleadh airgid a thogail.

Cosgaisean

Thuirt an Comh. MacFhionnghain: "Bha sinn a' coimhead air cìs airson luchd-turais airson na Gàidhealtachd air fad, chan ann dìreach air an Eilean Sgitheanach.

"Tha North Coast 500 agus tha iomadach rud ann a tha a' taladh an luchd-turais dhan Ghàidhealtachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud math a bhiodh ann airson chan eil a' Chomhairle fhèin, chan eil iad a' faighinn airgid bhon luchd-turais an-dràsta idir - 's e cosgaisean a th' againn mar chomhairle.

"Ach dh'fheumainn cantainn cuideachd, feumaidh atharrachaidhean a bhith anns an lagh airson aig an àm seo chan eil comas aig a' Chomhairle cruinneachadh nan cìsean a tha seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo