Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dàta Peatsanta

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag innse an-diugh mun bhile airson tuilleadh smachd air fiosrachadh pearsanta air loidhne agus anns na meadhanan sòisealta. Bheir an lagh ùr air companaidhean cur às do dh'fhiosrachadh mu luchd-cleachdaidh nuair a thèid sin iarraidh orra, agus thèid càin a stèidheachadh orra mura cùm iad ris na riaghailtean ùra. Thèid am bile mu choinneimh na Pàrlamaid air an ath-mhìos.

Rannsachadh Bàis

Tha buidheann-faire nam Poileas a' rannsachadh gearain mun dòigh anns an do làimhsich Poilis na h-Alba cùis ann am Bo'ness air taobh siar Labhdainn, far an deach corp fireannaich a lorg mìos an dèidh dha a dhol a dhìth. Tha e coltach nach eil dad amharasach ann mu bhàs Arnold Mouat, a bha 64, ged nach eil fios fhathast dè thug bàs dha.

Coirea a Tuath

Tha fearg air Coirea a Tuath mu na casg-bhannan as ùire a chuir na Dùthchannan Aonaichte orra mar pheanas airson deuchainn air armachd niuclasaich. Thuirt Coirea a Deas gun do dhiùlt Coirea a Tuath cothrom air còmhraidhean ùra eadar iad.

Cìs Luchd-Turais

Thuirt fear-gnothaich às an Eilean Sgitheanach a rinn strì mhòr airson cur às dha na cìsean air Drochaid an Eilein gur ann a bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd beagan den cuid airgid a chosg anns an eilean, seach a bhith a' bruidhinn mu chìs air luchd-turais. Tha Art MacCarmaig ag ràdh gum bu chòir dhan Chomhairle pàirt den £300m a fhuair iad le Aonta Baile agus Sgìre Inbhir Nis a chosg anns an eilean. Tha ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, am measg na thuirt gum bu chòir beachdachadh air cìs air luchd-turais mar dhòigh air airgead a thogail airson bun-structair agus ghoireasan.

Measadh

Tha tidsearan ann an Alba ag iarraidh soilleireachaidh mun t-siostam ùr airson measaidh. Gheall Riaghaltas na h-Alba gun tèid cur às do chuid de na deuchainnean airson faighinn gu Ìre Nàiseanta 5, agus Àrd-Ìre an dèidh cuideim bho na h-aonaidhean teagaisg. Ach tha coltas ann gum bi cuid de chloinn fhathast a' suidhe nan deuchainnean measaidh sin ma tha dragh ann nach dèan iad math ann an deuchainnean eile.

Gallaibh

Tòisichidh co-chomhairle as t-Fhoghar air seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta ann an Gallaibh. Thàinig an gealltanas aig coinneimh ann an Inbhir Ùige far an do choinnich riochdairean poileataigeach na sgìre sin ri NHS na Gàidhealtachd a dheasbad dragh mu mhòran de na seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta anns a' cheann a tuath.