Gealltanas mu chùram shlàinte Ghallaibh

  • 7 An Lùnasdal 2017
Carbad-eiridinn

Gheall NHS na Gàidhealtachd siostaman ùra a stèidheachadh gus nach bi aig daoine à Gallaibh ri bhith a' siubhal air ais agus air adhart a dh'Inbhir Nis airson cùram fhaighinn.

Thàinig seo à coinneamh le comhairlichean agus Buill-Phàrlamaid na sgìre, far a bheil dragh air a bhith ann mu sheirbheisean slàinte is cùraim shòisealta.

"Bha sinn ag iarraidh faighinn a-mach dè tha iad gu bhith a' dèanamh mu dheidhinn a h-uile duine a bhith air an rathad eadar Gallaibh agus Inbhir Nis, Ospadal an Ràthaig Mhòir," thuirt fear de Chomhairlichean Ghallaibh, Raymond Bremner.

"Tha sinn toilichte a chluinntinn gum bi iad ag iarraidh siostaman ùra a chur ann airson nan euslainteach.

"'S dòcha gum bi seirbheisean eile anns an sgìre seo, agus cuideachd eadar na h-ospadalan ann an Gallaibh.

"Agus chì sinn dè tha iad ag iarraidh a dhèanamh mu dheidhinn sin," thuirt e.