Taic do ghnothachasan iasgaich Gàidhealach

  • 7 An Lùnasdal 2017
Musganan-caola

Gheibh coimhearnsachdan Gàidhealach buannachd bho £5.2m de thaic airgid.

Tha an t-airgead, a tha ag amas air obraichean a dhìon agus cosnaidhean ùra a chruthachadh, a' tighinn bho Mhaoin an Iasgaich-mara agus na Roinn Eòrpa.

Gheibh 39 pròiseactan sna h-Eileanan an Iar, air a' Ghàidhealtachd, ann an Sealtainn agus Arcaibh taic.

Tha a' chompanaidh ghiollachd, Barratlantic Earranta, ann am Barraigh a' faighinn faisg air £273,000 airson an fhactaraidh aca a leasachadh.

Tha pròiseact gus Cidhe Pierowall ann an Westray ann an Arcaibh a sgeadachadh a' faighinn £1.7m.

Cuiridh sin taic ri obair 11 bàtaichean-iasgaich a tha a' cumail èisg ri companaidhean giollachd san eilean.

Gheibh companaidh eile, Cromarty Mussels, mu £216,000 airson an obair aca-san a leudachadh.

Tha iad an dùil seachd obraichean ùra a chruthachadh ri linn.

Uile gu lèir tha mu £8.4m not ga thoirt do phròiseactean air feadh Alba bho Mhaoin Iasgach Mara agus na Roinn Eòrpa.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile