Càineadh air moladh 'son cìs turasachd

  • 7 An Lùnasdal 2017
Port Rìgh Image copyright Chris Hepburn/Getty Images

Tha fear a bha an sàs san iomairt aghaidh cìs Drochaid an Eilein Sgitheanaich air cur an aghaidh mholaidh airson cìs air luchd-turais san sgìre.

Bhruidhinn Art MacCarmaig às dèidh do Cheannard Comhairle nan Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, a ràdh gu bheil an t-àm ann coimhead ri cìs a chur air luchd-turais.

A rèir Mhgr MhicCarmaig, 's e barrachd taic bhon Chomhairle fhèin a tha a dhìth airson an àite a dhèanamh nas freagarraich dha luchd-turais.

Dìth ghoireasan

Tha an t-Eilean Sgitheanach air fàs gu math trang le luchd-turais sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh agus chan eil goireasan gu leòr, leithid taighean-beaga agus àiteachan-parcaidh ann.

Tha cuid de luchd-gnothachais san eilean a' moladh cìs cuideachd, gu h-àraid feadhainn a bha a' faicinn buaidh cion ghoireasan air an àrainneachd.

Ach tha mòran luchd-gnothachais eile an aghaidh leithid de chìs.

Agus do fheadhainn a rinn strì làidir fad deich bliadhna airson cìsean as thoirt far drochaid an eilein 's e cìsean oirre a-rithist an rud mu dheireadh a dh'iarradh iad.

"Cha thachradh e co-dhiù o chionn 's dh'fheumadh atharrachadh a bhith san lagh airson sin a dhèanamh agus tha a h-uile drochaid ann an Alba a-nis an asgaidh agus cha bhiodh dòigh ann cìs a chur air an drochaid gun atharrachadh san lagh," thuirt Mgr MacCarmaig.

Leasachadh

Tha Mgr MacCarmaig ag ràdh gu bheil leasachadh a dhìth a thaobh ghoireasan, chan ann a-mhàin dhan luchd-turais ach dhan a h-uile duine san eilean, agus gu bheil sin an urra ris an ùghdarras ionadail.

"'S e Comhairle na Gàidhealtachd a bu chòir a bhith a' cur taighean-beaga agus binichean agus gnothaichean mar sin air dòigh, dhuinn fhèin san Eilean Sgitheanach ach dhan luchd-turais cuideachd, agus dèanamh cinnteach aig na h-amanan far a bheil luchd-turais timcheall, aig na h-amanan as trainge den bhliadhna, gu bheil goireasan a bharrachd ann.

"Agus tha mi a' creidsinn gu mòr gu bheil sinne a' pàigheadh chìsean gu leòr tro chìs-comhairle, tro na reitichean a bhios gnìomhachasan a' pàigheadh agus gu bheil còir aig Comhairle na Gàidhealtachd a bhith a' dèanamh fada a bharrachd agus ma tha aca fhèin ri tagradh a dhèanamh airson tuilleadh airgid bhon Riaghaltas neo cuid den airgead a tha aca airson Aonta a' Bhaile agus na Sgìre - a tha uile air a chosg mar a tha mise a' faicinn co-dhiù sa bhaile mhòr - bu chòir dhaibh a bhith a' dèanamh sin agus a' faighinn grèim air barrachd airgid iad fhèin agus a' dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan againn san Eilean Sgitheannach," thuirt e.