Geama iomain 'as àirde a-riamh'

  • 7 An Lùnasdal 2017
Geama iomain Image copyright Captivating Photography
Image caption Chaidh an geama a chumail air 'raon' a bha air cliathaich an Aonaich Mhòir faisg air Beinn Nibheis.

Chaidh 'an geama iomain as àirde a-riamh' ann am Breatainn a chumail 'son làrach-lìn turasachd ùr a chomharrachadhdhan Ghearasdan.

Chuir Seòmar Malairt Loch Abair an tachartas air dòigh, ann an co-bhann ri VisitScotland.

Geama iomain Image copyright Captivating Photography

Bha seo airson aire a tharraing dhan làraich a bhios làn fiosrachaidh mu Phrìomh Bhaile nan Cur-Seachadan a-muigh.

Cluicheadairean iomain Image copyright Captivating Photography

Chaidh an geama iomain annasach seo a chumail aig 600 meatair a dh'àirde - an geama iomain as àirde riamh a chaidh a chumail.

Tha cluicheadairean bho sgiobaidhean iomain air feadh na sgìre, fireannach agus boireanach, air a bhith a' cluich air an Aonach Mhòr - faisg air Beinn Neibhis.

Geama iomain Image copyright Captivating Photography

'S e Seomar Malairt Loch Abair, ann an co-bhon ri VisitScotland a chur an tachartas air dòigh airson an làraich-lìn ùr aca a chur air bhonn.

Tha an làrach a' dol fon bhratach 'Priomh Bhaile Bhreatainn 'son chur-seachadan air a' bhlar a-muigh.

A bharrachd air fiosrachadh ionadail mu thachartasan agus mu bhuidheanan sreap is baighdasagail, tha e cuideachd ceangailte ri làraich VisitScotland 'son fiosrachadh mu àiteachan-fuirich agus goireasan eile air feadh na Gàidhealtachd.

Geama iomain Image copyright Captivating Photography

Thuirt Manaidsear a' Phroiseict, Chris O'Brien, gum bi a' cho-bhanntachd seo a' ciallachadh gum bi e nas fhasa do luchd-turais na cur-seachadan a tha iad ag iarraidh a lorg anns a' phrìomh bhaile airson a leithid anns an Rìoghachd Aonaichte.

Na còraichean uile glèite