Draghan sàbhailteach aig Dùnrath

  • 7 An Lùnasdal 2017
Ionad Niùlcasach Dhùn Rath Image copyright Getty Images

Nochd draghan mu shàbhailteachd aig ionad-niuclasach Dhùnrath ann an aithisg bhliadhnail Ùghdarras an Dì-Choimiseanaidh Niuclasaich.

Thuirt an t-ùghdarras gu bheil sàbhailteachd "air crìonadh" aig an ionad agus thug iad rabhadh seachad nach deach leasachaidhean, a chaidh a mholadh às dèidh teine ann an 2014, a chumail suas.

Bha dragh ann cuideachd mu uireasbhaidhean le dìon na h-àrainneachd aig an làraich, far a bheil planaichean ann 200 duine a chur às na dreuchdan aca agus an obair airson an làrach a thoirt às a chèile a' leantainn.

Tha Riaghaltas na h-Alba air sgrìobhadh gu Ministear a' Chumhachd ann an Westminster, Riseard Harrington, 'son na draghan acasan a chur an cèill.