Maoidheadh laghail mun ainm 'Glencoe'

  • 7 An Lùnasdal 2017
Gleann Comhann Image copyright Getty Images
Image caption 'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha Gleann Comhann agus còirichean malairt an ainm.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba air a bhith a' dìon mar a bha iad a' maoidheadh companaidh à Siorrachd Obar Dheathain thoirt gu lagh.

Dh'iarr luchd-lagha na buidhne cathrannais air Hilltrek ann an Abèidh, a bhios a' dèanamh aodaich, gun a bhith a' reic tuilleadh sheacaidean fon ainm 'Glencoe'.

'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha Gleann Comhann agus còirichean malairt an ainm.

Thuirt an t-Urras nach robh iad ach a' feuchainn ris an àite a dhìon dhan choimhearsnachd san sgìre fhèin.

Ach thuirt iad gun robh iad deònach bruidhinn ris a' chompanaidh mun chùis.