Càineadh air moladh 'son cìs turasachd

  • 7 An Lùnasdal 2017
Drochaid an Eilean Sgitheanaich

Tha fear a bha an sàs gu mòr 'san t-strì an aghaidh chìsean air Drochaid an Eilein Sgitheanaich ag ràdh a-nis nach bu chòir cìs a chur air luchd-turais dhan eilean.

Tha moladh ann gum bu chòir cìs a stèidheachadh 'son bun-structar agus goireasan a leasachadh mu choinneimh àireamhan mòra de luchd-turais.

Ach tha Art MacCarmaig ag ràdh gur ann a bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd an dleastanas a dhèanamh san Eilean Sgitheanach.

Tha e cuideachd ag ràdh gum bu chòir cuid den chòrr 's £300m a tha iad a' cosg timcheall air sgìre Inbhir Nis a chur dhan eilean.

Thuirt e: "Tha e a' cur iongnadh mòr orm gu bheil daoine a' smaoineachadh mun leithid.

"Tha dà rud ann: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e ceàrr a bhith a' cur cìs air luchd-turais co-dhiù o chionn 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' pàigheadh gu lèor nuair a tha iad a' tighinn dhan eilean.

"Ach gu sònraichte mu dheidhinn togail chìsean aig drochaid an Eilein Sgitheanaich.

"Bha mi fhèin agus iomadh duine eile an sàs ann a bhith a' strì an aghaidh chìsean air an drochaid fad 10 bliadhna agus an rud mu dheireadh a tha a dhìth oirnn 's e gum biodh cìs a-nis air a thogail a-rithist air an drochaid.