Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Dh'fhoillsich Banca Rìoghail na h-Alba prothaid faisg air £940m air a' chiad leth den bhliadhna an dèidh call de £2bn aig an aon àm an-uiridh. Buinidh 72% den bhanca fhathast dhan Stàit.

Càraichean Ùra

Bha crìonadh ann am margaidh nan càraichean ùra airson na ceathramh mìos ann an sreath. Tha na firgearan as ùire bhon ghnìomhachas ag ràdh gun deach beagan gann air 162,000 càr ùr a chlàradh anns an Iuchar - sìos 9% air an aon àm an-uiridh.

Èirinn a Tuath

Bidh an Taoiseach, Leo Vardkar, a' bruidhinn air Brexit air a chiad thuras oifigeil a dh'Èirinn a Tuath. 'S e buaidh Bhrexit air a chrìch eadar deas is tuath as motha a bhios air aire. Tha mòran air gach taobh an aghaidh crìche cruaidh le smachd air cuspainn.

Puirt-Adhair Èorpach

Chuir British Airways agus Easyjet teachdaireachd teacsa gu luchd-siubhail le rabhadh mu dhàil aig puirt-adhair an Aonaidh Eòrpaich, agus tha BA agus Ryanair cuideachd a' toirt comhairle air luchd-siubhail a dhol dha na puirt-adhair anns an EU gu math nas tràithe - suas ri trì uairean de thìde nas tràithe co-dhiù - leis gu bheil riaghailtean ùra mu in-imreachd a' dèanamh maill aig na crìochan.

Trump

Tha an Ceann-Suidhe Trump a' sìor thighinn fo chuideam mu na casaidean gun tug an Ruis buaidh air iomairt an taghaidh aige, leis an naidheachd gun deach iarraidh air àrd-diùraidh rannsachadh an gabh casaidean togail às na h-aithrisean sin. Bidh an diùraidh, air a bheil buill àbhaisteach an t-sluaigh, a' toirt sùil air fathannan a tha a' ceangal cuid de theaghlach Mhgr Trump ri daoine anns an Ruis.

Cùram Slàinte Ghallaibh

Tha coinneamh an Inbhir Ùige an-diugh a' deasbad dragh mu sheirbheisean slàinte Ghallaibh. Dh'iarr riochdairean poileataigeach na sgìre coinneamh le NHS na Gàidhealtachd agus dragh ann mu mhòran de na seirbheisean slàinte, agus cùram sòisealta anns an fhìor cheann a tuath.