Cìsean Malairt an Uisge-Bheatha

  • 4 An Lùnasdal 2017
Dàibhidh Mundell Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gu bheil an Riaghaltas ag obair gu math cruaidh gus aontaidhean malairt shaoir a ruighinn le dùthchannan taobh a-muigh an EU.

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Daibhidh Mundell, is e a' tadhail air Ìle Diardaoin, gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag obair gus cìsean malairt dha uisge-beatha a thoirt a-nuas.

Le sin tha iad an dòchas na cothroman do chompanaidhean Breatannach a leasachadh gus an cuid bathair a reic thall-thairis, agus an dùthaich a' fagail an EU.

Tha ochd taighean-staile ann an Ìle an-dràsta, le fear eile ga thogail.

Tha a bhith a' reic uisge-bheatha thall thairis cudromach do dh'eaconamaidh na h-Alba, a' toirt £3.95bn a-steach don dùthaich.

35%

Tha diofar mòr eadar na tha cuid de dhùthchannan eile a' cur de chìs air uisge-beatha às Alba - eadar 0% agus 150%.

Tha Riaghaltas Bhreatainn a-niste ag amas air toirt air cuid de dhùthchannan na cìsean sin a lùghdachadh gus malairt eadar-nàiseanta a bhrosnachadh às dèidh Bhrexit.

"Faodaidh sinn gealltainn gu bheil sinn ag obrachadh air leth cruaidh gus aontaidhean malairt shaoir a chur air dòigh le cìsean nas ìsle air uisge-beatha," thuirt Mgr Mundell.

"Tha cìsean mòra dha-rìribh aig dùthchannan leithid nan Ìnnseachan air uisge-beatha, ach 's e margaid uabhasach cudromach a th' ann dha.

"Anns an t-saoghal an dèidh Bhrexit, ma gheibh sinn deagh aonta malairt, faodaidh sinn sin a' chìs sin a lùghdachadh, barrachd uisge-beatha a chur a-null thairis, agus tuilleadh chosnaidhean a chruthachadh an seo an Alba.

Tha riochdairean gnìomhachas an uisge-bheatha ag ràdh ge-tà, gur e aonta malairt domhain leis an EU as cudromaiche dhaibh.

"Bidh 35% de dh'uisge-bheatha na h-Alba ga chur a-null chun an EU. So 's e margaidh air leth cudromach a th' anns an Roinn Eòrpa dhuinn," thuirt Àrd-Oifigear Caidreachas an Uisge-Bheatha, Karen Betts.

"Tha sinne ag ràdh ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, gu bheil sinn dha-rìribh ag iarraidh orra aonta malairt coileanta leis an Aonadh Eòrpach.

"Tha sinn cuideachd ag iarraidh phròiseasan cuspainn a tha a' gabhail a-steach cho beag 's a ghabhas de chosgais agus iom-fhillteachd.

"Tha ùidh mhòr againn cuideachd ann an aontaidhean malairt shaoir eile a bhith air an ruighinn le dùthchannan eile."

Companaidhean Beaga

Tha Riaghaltas na RA air 11 bhuidhinn-ghnìomha a stèidheachadh mar thà gus ceanglaichean malairt air feadh an t-saoghail a neartachadh.

Ach nochd draghan gum faodadh aonta malairt leis na Stàitean Aonaichte ciallachadh nach bi dìon air uisge-beatha Albannach san lagh mar a tha an-dràsta.

Tha draghan sònraichte air taighean-staile nas lugha.

"'S e am biurocrasaidh a tha an cois a bhith a' tighinn a-mach às an Aonadh Eòrpach as motha a tha a' cur dragh oirnne," thuirt Anthony Wills, a stèidhich taigh-staile Chill Chomain.

"A thaobh rianachd, bidh barrachd obair-phàipeir againn ri dhèanamh.

"Agus far an robh e gu math furasta uisge-beatha a chur a-null chun an EU, bidh e a-niste beagan nas duilghe.

"Gu cinnteach do chompanaidhean nas bige, saoilidh mi gun toir sin buaidh ri linn 's nach eil uimhir de luchd-obrach againn airson dèiligeadh ris na riaghailtean ùra."

Tha dùil aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Breatainn a thoirt a-mach às an EU sa Mhàrt 2019.