Dragh mu stèisean-poilis Steòrnabhaigh

  • 4 An Lùnasdal 2017

Tha dragh air èirigh anns na h-Eileanan Siar, an dèidh dha nochdadh gu bheil prìomh-stèisean nam Poileas ann an Steòrnabhagh air a bhith dùinte aig amannan tron là, nuair a tha daoine air a dhol ann airson cuideachadh.

Thuirt fear de chomhairlichean a' bhaile, Cè Dodson, gu bheil na Poilis a' call earbsa an t-sluaigh.

Thuirt Tormod MacLeòid, a bha na Fhear-Gairm air Bòrd Poilis a' Chinn a Tuath gur e "cùis eagail" a tha seo.

"Ma tha iad ann an suidheachadh a-nis 's nach eil daoine aca a chuireas iad dhan stèisean, uill tha thìde aig an Riaghaltas rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sin - chan urrainn dhan sin cumail a' dol mar a tha e".

Seirbheis 24 uairean

Thuirt na Poilis nach eil Stèisean Steòrnabhaigh dùinte agus gu bheil e a' lìbhrigeadh seirbheis 24 uairean dhan sgìre.

Ach, thuirt iad gu bheil amannan ann nuair a thèid an t-àite-fàilteachaidh a dhùnadh airson diofar adhbharan, coltach ri stèiseanan eile anns an roinn.

Thuirt iad gu bheil panal-conaltraidh air a' bhalla ma tha daoine ag iarraidh taic no airson bruidhinn ri oifigear.

Tha iad ag ràdh gu bheil cùisean air a bhith mar seo fad grunnan bhliadhnaichean agus nach eil càil air atharrachadh.