Stuth a bhuineas do Thorsten Kulke air a lorg

  • 4 An Lùnasdal 2017
Torsten Kulke Image copyright Poilis Alba
Image caption Chaidh Mgr Kulke fhaicinn mu dheireadh Dihaoine, an 28mh là den Iuchar.

Dhearbh na Poilis ann an Leòdhas gun deach stuth a bhuineas don fhear-turais Ghearmailteach a tha a dhìth san eilean, a lorg.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach Diluain nach robh Torsten Kulke air tilleadh gu a dhachaigh sa Ghearmailt.

Chaidh fhaicinn mu dheireadh ann an Sgìr' Ùige.

Chaidh màilleid le stuth a bhuineas dha a lorg air mullach creige faisg air Àird Ùige Diciadain.

Chaidh fios a chur gu theaghlach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile