Coinneamh mu sheirbheisean slàinte Ghallaibh

  • 3 An Lùnasdal 2017
Ospadal Ghallaibh Image copyright Google
Image caption Chaidh lùghdachadh a thoirt air seirbheisean màthaireil ann an Ospadal Ghallaibh.

Cumaidh comhairlichean Ghallaibh coinneamh Dihaoine 's iad gu bhith a' bruidhinn mu sheirbheisean slàinte na sgìre.

Ann am brath sgrìobhte a chaidh fhoillseachadh às leth chomhairlichean Ghallaibh gu lèir, thuirt iad gun tàinig e am bàrr glè sgiobalta às dèidh taghadh nan Comhairlean sa Chèitean gun robh dragh mòr air a' phoball mu sheirbheisean slàinte na sgìre.

Bha mòran mì-thoileachais ann mun lùghdachadh air seirbheisean màthaireil ann an Ospadal Ghallaibh, leis an t-aonad a-nis fo stiùir mhnathan-glùine.

A thuilleadh air na comhairlichean, bidh BP na sgìre, Jamie Stone, am BPA Gail Ross agus riochdairean bho NHS na Gàidhealtachd cuideachd an làthair Dihaoine.

Thuirt Cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Dàibhidh Alston, gun robh iad toilichte an cothrom seo fhaighinn, 's iad mothachail, thuirt e, gum feum atharrachaidhean a bhith ann.

Thuirt na comhairlichean gun cuireadh iad ceistean air a' Bhòrd-Shlàinte às leth mhuinntir na sgìre, 's iad a' sireadh soilleireachaidh mu na tha an dàn dha seirbheisean slàinte Ghallaibh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo