Na mìltean mòra a' dèanamh air Belladrum

  • 3 An Lùnasdal 2017
The Pretenders Image copyright Jill Furmanovsky
Image caption Tha The Pretenders am measg na chluicheas aig Belladrum am-bliadhna.

Tha dùil ri sluagh mòr air a' Ghàidhealtachd aig deireadh na seachdain 's Fèis Belladrum ga cumail faisg air a' Mhanachainn.

Bidh an fhèis a' ruith eadar Diardaoin agus Disathairne agus bidh The Pretenders, Sister Sledge agus Franz Ferdinand am measg nan ainmean mòra a chìthear am-bliadhna.

Tha dùil ri mu 10,000 duine gach là 's na ticeadan air fad air an reic ro làimh.

Ged a tha grunn fhèisean-ciùil eile leithid T in the Park agus RockNess air a dhol à bith, tha Belladrum fhathast a' soirbheachadh.

Thèid tè de dh'fhèisean-ciùil eile na Gàidhealtachd, Loopalu ann an Ulapul, a chumail airson an turas mu dheireadh am-bliadhna.

Cosgaisean

Thuirt stiùiriche na fèise, Joe Gibbs, gu bheil e nas duilghe, agus nas daoire, fèis a chur air dòigh an-diugh na bha nuair a thòisich Belladrum bho chionn 14 bliadhna.

Leudaich Belladrum bho dhà oidhche gu trì bho chionn dà bhliadhna.

Gheibhear blasad de Bhelladrum na bliadhna seo air BBC ALBA 's prògaman gu bhith aca bhon fhèis thairis air na trì oidhcheannan a bhios i a' ruith.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile