Dragh fhathast mu sheòmar-stiùiridh

  • 3 An Lùnasdal 2017
Poileas Alba

Tha fìor dhragh air ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd gun tig atharrachadh eile air na planaichean airson stòr-dàta nàiseanta poilis a stèidheachadh ann am baile Inbhir Nis.

An dèidh dha coinneachadh ri Mairead NicDhàibhidh Diciadain, dhearbh Àrd-Chonstabal Phoilis na h-Alba nach bi 15 cosnaidhean a bharrachd air Ghàidhealtachd nuair a dhùineas an t-ionad-stiùiridh.

Thèid an obair a roinn eadar Inbhir Nis agus Baile Ghobhainn ann an Glaschu.

"Bha coinneamh mhath againn, ach an rud a b' fheàrr a bh' ann, fhuair sinn gealltanas bho Mhgr Gormley nach caill duine an dreuchd, agus gum bi na h-obraichean ann a th' anns an t-seòmar-stiùiridh an-dràsta," thuirt an Comh. Alasdair MacFhionnghain.

"'S e duilgheadas agus briseadh dùil a th' ann nach eil tuilleadh obraichean ann.

"Tha mi cinnteach gu bheil na Poilis, mar a tha comhairlean an Alba cuideachd, gann de dh'airgead, 's gum feum iad coimhead air diofar dhòighean airson seirbheisean a thoirt seachad.

"Ach air a' cheann thall tha sinne toilichte aig an ìre seo nach eil feadhainn a' call an dreuchd an-dràsta.

"Fhuair sinn gealltanas gum biodh 15 cosnaidhean a bharrachd ann, ach cha tachair sin idir.

"Ach fhuair sinn gealltanas cuideachd an-diugh gum bi na Poilis agus an Sergeant a tha ag obair anns an t-seòmar-stiùiridh, gum bi iadsan a' dol a-mach mar a chanas iad air a' "bheat" air Ghàidhealtachd, agus 's e rud math a th' ann an sin cuideachd.

"Tha sinn fhathast ag iarraidh gum bi co-luadar poblach ann, agus tha coinneamhan eile againne an ceann cola-deug, agus chì sinn mar a tha an obair airson an seòmar-stiùiridh a dhùnadh a' dol air adhart," thuirt e.