Gearmailteach fhathast a dhith
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Luchd-teasargainn a' feuchainn ri Torsten Kulke a lorg

2 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha polais agus luchd-teasairginn fhathast a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fear às a' Ghearmailt a thathas a' smaoineachadh a chaidh air chall ann an Ùige Leòdhais. Chaidh Torsten Kulke fhaicinn mu dheireadh feasgair Dhihaoine, ach cha deach fios a chuir air na seirbheisean eiginn gun robh e a dhith gu Diluain.