Deireadh-seachdain gun chead air clàr-ola

  • 2 An Lùnasdal 2017
Linne Chrombaigh

Chuirear rannsachadh air dòigh an dèidh do dhithis fhireannach a dhol air clàr-ola ann an Linne Chrombaigh gun fhiosta agus mar a dh'fhuirich iad ann fad an deireadh-sheachdain.

Fhuair an dithis fhireannach a tha a' toirt "urban explorers" orra fhèin air bòrd an Ocean Princess le a bhith a' cleachdadh eathair bhig.

Chaidh iad air feadh a' chlàir, a' dìreadh nan ceudan throighean chun an àite às airde a b' urrainn dhaibh, agus chlàr iad na rinn iad, a' cur nan dealbhan air an làraich bhidio YouTube.

BBQ air bòrd

Chaidh iad cuideachd a-steach a rùmanan, agus bha iad fiù 's a' còcaireachd BBQ mus do chaidil iad an oidhche air a' chlàr.

Chaidh a h-uile càil fhiolmadh agus a chur air an eadar-lìon - ged a tha coltas ann a-nis gun deach a thoirt a-nuas.

Mar as trice bidh 'urban explorers' a' dèanamh air seann làraichean far nach eil duine air a bhith faisg orra 'son bhliadhnaichean, leithid seann ospadail is buncairean niùclasach a bha air an cleachdadh tron Chogadh Fhuar.

Chaidh a' chùis seo ge-tà, a thoirt gu aire Poileas Alba.

Dhearbh tè-labhairt bho Diamond Offshore Earranta gur ann air fear de na clàran acasan a bha an dithis.

Tha an clàr air a bhith aig acair ann an Linne Chrombaigh 'son greis.

Thuirt i nach robh iad airson an còrr a ràdh agus gun deach a' chùis a chur gu na h-ùghdarrasan.