Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Peinnsean na Stàite

Tha còrr is millean boireann ach a tha beagan os cionn 60 bliadhna de dh'aois, gu math nas miosa dheth le atharrachadh ann an aois peinnsean na Stàite. Thuirt an t-Institiùd airson Sgrùdaidh Fhiosgail, gu bheil togail aois a' pheinnsein bho 60 gu 63, a' sàbhaladh £5bn a h-uile bliadhna dhan Riaghaltas, ach gu bheil an fheadhainn air a bheil sin a' toirt buaidh a' call mu £30 a h-uile seachdain.

Casg-bhannan

Dh'fhoillsich an Riaghaltas planaichean a bheir cead do Bhreatainn casg-bhannan eadar-nàiseanta a chur an sàs an dèidh Bhrexit. An-dràsta 's ann fo lagh an Aonaidh Eòrpaich a tha a' mhòr-chuid de na casg-bhannan a' tighinn.

Puirt-Adhair

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cuideam a chur air dùthchannan eile anns an Aonadh Eòrpach tuilleadh luchd-obrach a chur aig na puirt-adhair. Tha maill mhòr air luchd-siubhail à Breatainn an-dràsta a' faighinn tro na crìochan aig puirt-adhair air Tìr-Mòr na h-Eòrpa le riaghailtean ùra a chuir an EU an sàs air luchd-siubhail air taobh a-muigh aonta Schengen airson gluasad gun bhacadh eadar dùthchannan.

Liam Fee

Tha boireannach a chaill a dreuchd ann an obair shòisealta airson fàiligeadh ann an cùis an leanaibh Liam Fee, a chaidh a mhurt ann am Fìobha, ag ràdh gun deach eisimpleir a dhèanamh dhithse airson mhearachdan nas fharsainne. Tha Lesley Bate ag ràdh gun deach ise far a h-obrach agus i tinn bliadhna ro mhurt Liam, ach tha e coltach nach deach duine eile ach ise a chronachadh airson na thachair. Thuirt Comhairle Fìobha nach bruidhinn iad air cùisean fa-leth, ach gu bheil iad air ionnsachadh bho bhàs Liam.

Sgeama nan Othaisgean

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag iarraidh coinneimh leis an Riaghaltas agus iad mì-thoilichte le sgeama taic nan othaisgean. Tha iad ag ràdh gu bheil tuathanaich mhòra a' gabhail brath air laisgse ann an riaghailtean na sgeama le bhit a' gabhail an airgid airson na h-othaisgean a gheamhrachadh, agus an uair sin gan reic seach a bhith gan cumail airson briodachadh.

Neach-turais a Dhìth

Tha rannsachadh a' dol air adhart bhon adhair agus air tìr air taobh siar Leòdhais airson fear-turais às a' Ghearmailt air nach fhacas sgeul o Dhihaoine seo chaidh. 'S ann an sgìre Ùige a chaidh Torsten Kulke fhaicinn le cinnt mu dheireadh, ach tha na Poilis den bheachd gum faodadh e a bhith air siubhal gu sgìre eile on uair sin.