Rabhadh mu thrafaig air a' Ghàidhealtachd

  • 2 An Lùnasdal 2017
Fèill an Eilein Duibh Image copyright Black Isle Show
Image caption Bidh na mìltean mòra a' tadhal air Fèill Àiteachais an Eilein Duibh.

Tha na Poilis air rabhadh a thoirt do dhràibhearan gum bi cuid de rathaidean na Gàidhealtachd gu math trang 's Fèill an Eilein Duibh agus fèis Belladrum gu bhith ann aig deireadh na seachdain.

Bidh Feìll Àiteachais an Eilein Duibh, a bhios a' tàladh dhaoine bho air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, ann Diardaoin agus Dihaoine, le fèis Belladrum ga cumail faisg air a' Mhanachainn eadar Diardaoin agus Disathairne.

Thuirt Poilis Alba gum bi buaidh aca seo air na rathaidean, agus gum bu chòir do dhaoine a tha a' dèanamh air fear seach fear de na tachartasan ùine gu leòr fhàgail aca fhèin.

Bidh Belladrum a' tàladh eadar 15,000 agus 20,000 duine, agus bidh suas ri 30,000 duine a' tadhal air Fèill an Eilein Duibh thairis air an dà là.