Draghan mun bhann-leathann an sgìrean dùthchail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Draghan mun bhann-leathann an sgìrean dùthchail

2 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha draghan gan togail mu na tha BT a' tabhann gus bann-leathann a leasachadh ann an sgìrean dùthchail.

Chuir iad beachd air adhart bho chionn ghoirid gus 10 megabit san diog a thoirt do 99% de thaighean agus gniomhachasan ron a' bhliadhna 2032.

Ach tha mòran a' faireachdain gu bheil sin ceum air dheireadh air na tha Riaghaltas na h-Alba am beachd a dhèanamh.

'S e sin bann-leathann fìor-luath aig 30 megabit san diog a thoirt dhan a h-uile duine ron bhliadhna 2021.