Coinneamh ga h-iarraidh mu sgeama nan othaisgean

  • 2 An Lùnasdal 2017
Caoraich Image copyright Pekic
Image caption Tha dragh air Caidreachas Croitearachd na h-Alba gu bheil tuathanaich mhòra a' gabhail brath air sgeama nan othaisgean.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag iarraidh coinneachadh ri Riaghaltas na h-Alba 'son bruidhinn mu sgeama taic nan othaisgean.

Ann am beachd a' Chaidreachais, chan eil an sgeama cothromach do chroitearan, seach gu bheil tuathanaich mhòra an-dràsta a' faighinn cnap mhath den airgead, agus a' reic nan othaisgean às dèidh dhaibh an subsadaidh fhaighinn.

Tha sin a' fàgail, tha iad ag ràdh, nach eil uimhir de dh'airgead anns a' phoit dhan fheadhainn as motha air a bheil feum air.

Dh'iarradh iad gun tigeadh oifigearan an Riaghaltais a bhruidhinn riutha-san, agus ri croitearan eile, feuch ciamar a ghabhadh an sgeama a bhith air obrachadh na b' fheàrr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile