Àrd-Chonstabal Phoilis Alba a' tighinn gu tuath

  • 1 An Lùnasdal 2017
Soidhne Chomhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha dragh air a' Chomhairle mu phlanaichean airson Ionad Rannsachaidh Stòr-Dàta Nàiseanta.

Coinnichidh Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, ri Àrd-Chonstabal Phoilis Alba, Phil Gormley, ann an Inbhir Nis Diciadain.

Thuirt an Comh. Davidson gum biodh i a' bruidhinn ris mu na tha an dàn dha seòmar-stiùiridh nam Poileas ann an Inbhir Nis, agus mu na planaichean aca airson Ionad Rannsachaidh Stòr-Dàta Nàiseanta.

Bha dùil gur ann ann an Inbhir Nis a bhiodh an t-ionad sin stèidhichte, ach thàinig e am barr bho chionn ghoirid gum faodadh an obair a bhith air a roinn le àite eile ann an Glaschu.

Thuirt an Comh. Davidson gum fàgadh sin nach deadh uimhir de dh'obraichean a chruthachadh ann an Inbhir Nis, agus tha i a' gearain nach deach co-chomhairleachadh a dhèanamh air an atharrachadh.

Tha i air sgrìobhadh, thuirt i, gu Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal MacMhathain, airson draghan na Comhairle a chur an cèill.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile