Rabhadh mu fhoill air a' Ghàidhealtachd

  • 1 An Lùnasdal 2017

Chaidh call de cha mhòr £2.5m a dhèanamh air gnothachasan air a' Ghàidhealtachd air sgàth foill.

Thuirt na Poilis gun deach fònadh gu companaidhean a' toirt a chreidse gu robh eucoirich air faighinn a-steach dhan na cunntasan-banca aca, agus gum bu chòir dhaibh an t-airgead a ghluasad gu cunntas "sàbhailte"

Thuirt iad gun deach grunn chompanaidhean a mhealladh eadar an 19mh là agus an 30mh là dhen Iuchar.

Thuirt an Det. Insp. Iain MacPhàil gu bheil iad air rannsachadh mionaideach a dhèanamh air na cùisean seo, agus gu bheil ag obair còmhla ri bancaichean an fheadhainn air an deach foill a dhèanamh.

Tha iad air cuid dhen airgead fhaighinn air ais, thuirt e, agus tha iad fhathast ag obair a dh'ionnsaigh sin.